Making your option choices in school? Get inspired and pick the future you want

Molaidhean airson sgrìobhadh CV

Faigh a mach mar a sgrìobhas tu CV sgoinneil agus comharraich do sgilean, eòlas agus na feartan as fheàrr.

Tha CV (Cunntas Beatha) a’ toirt cothrom air thu a bhith follaiseach do fhastaichean sam bith a dh’fhaodadh a bhith san amharc. Tha e a’ toirt cuideachadh don fhastaiche co-dhùnadh a dhèanamh air am bu thoigh leotha cuireadh a thoirt dhut gu agallamh. Faodaidh tu do CV a chleachdadh gus togail air do sgilean agus d’ eòlas luachmhor.

Tha beagan mion-fhiosrachadh bunaiteach bu chòir a bhith air a ghabhail a-steach don CV agad, Is e sin:

  • d’ ainm
  • fios conaltraidh, leithid àireamh fòn agus seòladh puist-d
  • do theisteanasan
  • eòlas obrach sam bith a th’ agad
  • do sgilean agus buadhan luachmhor
  • cur-seachadan a tha thu a’ meas buntainneach
  • na cànanan a th’ agad

A thaobh dhreuchdan a tha a’ liostadh sgilean Gàidhlig a bhith riatanach, dh’fhaodadh e a bhith cuideachail tagradh a dhèanamh le CV Gàidhlig.  Dh’fhaodadh gum bi cuid de dhreuchdan a’ moladh Gàidhlig a bhith ion-mhiannaichte ach gun a bhith riatanach. Ann an cùis mar seo, dh’fhaodadh tu tagradh a dhèanamh le CV Beurla ach dèan cinnteach innse gu bheil Gàidhlig agad.  Ma tha nì agad ri dhèanamh follaiseach, dèan follaiseach e!

Bu chòir litir còmhdach no aithris phearsanta a bhith còmhla ris an CV agad. Is e aithris ghoirid a tha seo a sgrìobhas tu gu na fastaichean agad, a’ toirt iomradh air an adhbhar gu bheil thu ceart agus freagarrach don dreuchd do bheil thu a’ tagradh. Cuidichidh seo dhut thu fhèin a sheasamh a-mach bho chàch. Tha e cudromach do CV ùrachadh gu cunbhalach le sgilean no eòlas ùr.​​​​​​​​​​​​​​

article-image-640x360 Molaidhean airson sgrìobhadh CV

Molaidhean airson sgrìobhadh CV

​​​​​​​​​​​​​​Tha beagan mholaidhean againn gus do chuideachadh le CV a sgrìobhadh a tha a’ seasamh a-mach.

​​​​​​​​​​​​​​Tha beagan mholaidhean againn gus do chuideachadh le CV a sgrìobhadh a tha a’ seasamh a-mach.

Cùm goirid e

Bidh fastaichean a’ coimhead ri mòran CVan agus mar sin nì iad co-dhùnadh glè luath an toir iad cuireadh dhut gu agallamh. Cùm do CV goirid – dìreach 1 no 2 thaobh de dhuilleag A4. Seachain seantansan fada far an gabh sin a dhèanamh.

Dèan dearbh-leughadh air

Leugh an CV agad air ais thugad fhèin. Is e dòigh fhurasta a tha seo air sgrùdadh airson mhearachdan no nì sam bith nach eil a’ coimhead no a’ faireachdainn ceart. Iarr air neach eile a sgrùdadh, dh’fhaodadh gum mothaich iad do nì nach fhaca tu fhèin. Ma tha thu a’ cleachdadh CV Gàidhlig, iarr air cuideigin a tha fileanta sa Ghàidhlig do CV ath-sgrùdadh.

Bi fìor

Bi onarach mud sgilean agus eòlas. Na cuir a-steach eòlas nach eil agad – dh’fhaodadh seo ciallachadh gum bi thu san dreuchd cheàrr aig deireadh cùise às aonais na taic cheart. Seachain cànan toinnte, searbh-chainnt no cruthan-clò a tha doirbh an leughadh.

Molaidhean cuideachail eile airson CV a sgrìobhadh​​​​​​​

Faigh a-mach tuilleadh san artaigil againn 'Mar a tha freagarrachadh do CV gad chuideachadh le obair fhaighinn'.